Tha Jeremy Bernard Corbyn (IPA: kɔːrbɪn, Chippenham 26 an Cèitean 1949) na fhear-poileataigs Sasannach sa Phàrtaidh Làbarach agus na bhall Phàrlamaid Westminster airson Islington a Tuath o 1983.[1]

Jeremy Corbyn
member of Haringey London Borough Council (en) Translate

1974 - 1983
Sgìre: Harringay (en) Translate
member of the 49th Parliament of the United Kingdom (en) Translate

9 dhen Ògmhios 1983 - 18 dhen Chèitean 1987
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: 1983 United Kingdom general election (en) Translate
ball 50mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

11 dhen Ògmhios 1987 - 16 dhen Mhàrt 1992
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1987
ball 51mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

9 dhen Ghiblean 1992 - 8 dhen Ghiblean 1997
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1992
ball 52mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

1 dhen Chèitean 1997 - 14 dhen Chèitean 2001
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 1997
ball 53mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Ògmhios 2001 - 11 dhen Ghiblean 2005
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2001
ball 54mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

5 dhen Chèitean 2005 - 12 dhen Ghiblean 2010
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2005
ball 55mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

6 dhen Chèitean 2010 - 30 dhen Mhàrt 2015
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2010
Ball 56mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

7 dhen Chèitean 2015 - 3 dhen Chèitean 2017
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: Taghadh nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2015
Ceannard nan Dùbhlannach

12 dhen t-Sultain 2015 - 4 dhen Ghiblean 2020
Harriet Harman (mul) Translate - Keir Starmer
Ceannard a’ Phàrtaidh Làbaraich

12 dhen t-Sultain 2015 - 4 dhen Ghiblean 2020
Ed Miliband (mul) Translate - Keir Starmer
Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte

11 dhen t-Samhain 2015 -
ball 57mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

8 dhen Ògmhios 2017 - 6 dhen t-Samhain 2019
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: Taghadh Nàiseanta na Rìoghachd Aonaichte, 2017
ball 58mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

12 dhen Dùbhlachd 2019 - 29 dhen Dàmhair 2020
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rioghachd Aonaichte 2019
ball 58mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

29 dhen Dàmhair 2020 - 30 dhen Chèitean 2024
Sgìre: Islington North (en) Translate
ball 59mh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

4 dhen Iuchar 2024 -
Sgìre: Islington North (en) Translate
Taghadh: Taghadh Phàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte 2024
Beatha
Ainm slàn Jeremy Bernard Corbyn
Breith Chippenham (en) Translate, 26 dhen Chèitean 1949
Dùthaich  Rìoghachd Aonaichte
Àite-fuirich Finsbury Park (en) Translate
Teaghlach
Athair David Benjamin Corbyn
Màthair Naomi Loveday Josling
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Haberdashers' Adams (mul) Translate
Cànain Beurla
Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd ball aonaidh-chiùird, neach-poileataigs agus union member (en) Translate
Àitichean-obrach Lunnainn
Fastaichean Amnesty International
Aonadh Nàiseanta nan Tàillear is Luchd-aodaich
Aonadh Nàiseanta nam Fastaichean Poblach
Morning Star (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Neach-fànais
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Làbarach
Your Party (en) Translate
IMDb nm2324295
jeremycorbyn.org.uk

Beatha phearsanta

deasaich

Mac an innleadair David Benjamin Corbyn (19151986) agus an tidsear matamataig Naomi Josling (1915–1987), thogadh e ann an Wiltshire agus ann an Shropshire. Tha triùir bràthair aige. B' e sìochantairean a bh' ann a phàrantan, a choinnich ri chèile ann an tachartas aig an Conway Hall Ethical Society - a tha a' gabhail ri daonnachas[2] - gus taic a thoirt do Phoblachd na Spàinne aig àm a' Chogaidh Sìobhalta. Chaidh Jeremy òg gu sgoiltean prìobhaideach an siud. Bha e an sàs ann an CND, am Pàrtaidh Làbarach, agus iomairtean an aghaidh sealgaireachd, is esan fhathast san sgoil. Chuir e seachad bliadhna na oileanach aig ach cha tug e ceum idir.[3]

Ann an 1974 phòs e aig Jane Chapman, a bha na comhairliche còmhla ris ann an Haringay, ach dhealaich iad ann an 1979. Tha ise na ollamh aig Oilthigh Lincoln a-nis. An uair sin phòs e aig Claudia Bracchitta, a bha na fògarrach às An t-Sile, ann an 1987. Dhealaich ann an 1999 iad air sàilleabh gu robh ise airson an triùir duine-cloinne a bh' aca a chur gu sgoiltean prìobhaideach, rudeigin a bha esan an aghaidh.[4] Mu dheireadh thall, phòs e aig Laura Álvarez ann an 2013. 'S e neach-iomairt Mhalairt chothromaich a th' innte agus bha i na neach-lagha airson chòraichean daonna san dùthaich aige fhèin.[5]

Poileataigs

deasaich

Thoisich Corbyn ann am poileataigs tron na aonaidhean-ciùird, a thaobh an T&GWU, a' riochdachadh luchd-obrach ann an gnìomhachas aodaich. An uair sin chaidh a thaghadh na chomhairliche airson Haringay, far an robh e bho 1974 gu ruige 1983 nuair a chaidh a thaghadh gu airson Islington a Tuath. Fhuair e an seat aige leis gun do dh'fhàg Mícheil Ó h-Allmhuráin, an seann bhall-phàrlamaid airson na sgìre, am Pàrtaidh Làbarach.

Tha Corbyn fhèin ag ràdh gur e sìochantair, poblachdach agus glasraichear a chleachdas am baighseagal a h-uile latha a th' ann. 'S àbhaist dha a bhith an lùib iomairtean eadar-nàiseanta airson chòraichean daonna. Bha e an sàs anns a' cho-bhann Stop the War an aghaidh a' Chogaidh ann an Ioràc[6] a bharrachd air a bhith a' strì ann an iomairt Dlùth-phàirteachas ri Palastain; tha e cuideachd na leas-cheannard CND. An dèidh an sgannail mu chosgaisean nam Ball Pàrlamaid ann an 2009 anns an Rìoghachd Aonaichte thàinig e am follais gur e Corbyn am ball a fhuair an suim airgid a bu lugha.[7]

Na Cheannard

deasaich

Chaill am Pàrtaidh na taghaidhean coitcheann an an 2015 agus bha iadsan ann an staing an dèidh sin. Bhuannaich Corbyn an ceannas anns an Dàmhair 2015, ged a bha a h-uile duine an dùil nach tigeadh aige sin a dhèanamh. 'S ann connspaideach 's a tha e agus mòran air an taobh deas a' Phàrtaidh na aghaidh. A bharrachd air sin, tha e air fìor dhroch làimhseachadh fhaighinn bho na meadhanan.[8] Nuair a bhot an Rìoghachd Aonaichte airson Brexit ann an 2016 theab iad ga chur a-mach às a dhreuchd ach dh'fhàillig an iomairt a bha seo.[9] An dèidh do na toraidhean as miosa airson a' Phàrtaidh o 1935, leig e suas a dhreuchd san Dùbhlachd 2019.[10] Bhuannaich Keir Starmer an dèidh Corbyn an ceannas.[11]

Iomraidhean

deasaich
  1. Rt Hon Jeremy Corbyn”. Pàrlamaid Westminster. Air a thogail 2na dhen Ògmhios 2017.
  2. Conway Hall Ethical Society
  3. Wheeler, Brian: The Jeremy Corbyn Story: Profile of Labour leader”, BBC. 24mh dhen t-Sultain 2016. Air a thogail 2na dhen Lùnasdal 2017. 
  4. The Guardian
  5. The Independent
  6. Stop the War
  7. Islington Gazette
  8. The Guardian
  9. BBC
  10. Naidheachdan 11:00m”, Naidheachdan a' BhBC. 13mh dhen Dùbhlachd 2019. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2020. 
  11. Mason, Rowena: Keir Starmer wins Labour leadership election”, The Guardian. 4mh dhen Ghiblean 2020. Air a thogail 26mh dhen Ghiblean 2020.