Ávila
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Ávila
Sgìre Castilla y León
Co-chomharran 40° 56' 43' Tuath
04° 07' 35' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 231.9 km²
Àireamh-shluaigh 58,358 (2009)
Dlùths 251.65/km²
Àireamh fòn + 34 920
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

’S e baile mòr faisg air Segovia ann an cridhe na Spàinne a th’ ann an Ávila (IPA: aβila). Tha e suidhichte aig 1,032m os cionn ìre na mara,[1] 89km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 583km bho Bharcelona.[2] Tha 58,358 daoine a’ fuireach ann an Ávila.[3] A bharrachd air sin, ‘s e prìomh-bhaile na Roinne Ávila a th’ann cuideachd.

Freumhan an ainm

deasaich

'S ann connspaideach 's a tha freumh-fhaclachd an ainm. Tha e coltach gur ann à Obila no Abula ann am punagais no Basgais a tha a' ciallachadh cnoc no crìoch.[4] Dh'atharraich na Ròmanaich an t-ainm gu Abila/Abela ann an Laideann.[5] A dh'aindeoin sin, tha cuid a' gràdh gur ann às a' Ghotais Awilô no Awila,[6] ged nach eil mòran dhaoine a' gabhail ri sin.

Eachdraidh

deasaich

B' e na Ceiltich o shean a stèidhich am baile, ged a bha e cudromach dha na Ròmanaich. Rinn Tariq Ibn Ziyad sgrios air a' bhaile ann an 714. Mar a b’àbhaist san Spàinn, chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[7] Thogadh am bàrd Seòras Santayana an seo. Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[8]

Cruinn-eòlas

deasaich

A rèir figearan an Riaghlatais, 's e an t-Iuchar a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Ávila.[9] Cha tuit ach 416mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 647mm nas lugha na Steòrnabhagh - leis gur e àite àrd tioram a th' annː

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich

Ceanglaichean A-mach

deasaich