Ourense
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Suidheachadh
Dùthaich An Spàinn
Ceàrn Ourense
Sgìre A' Ghàilis
Co-chomharran 42° 20' Tuath
07° 52' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 85.2 km²
Àireamh-shluaigh 104,596 (2021)
Dlùths 1,227.65/km²
Àireamh fòn + 34 988
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil

‘S e baile mòr air an àirde an iar-thuath na Spàinne a th’ ann Ourense (Gàilisis) neo Orense (Spàinntis). Tha Ourense suidhichte ann an Roinn Ourense, shuas air còmhnard àrd,[1] aig 327m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh na h-aibhne Miño.[3] Tha Ourense 403km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 83km bho Santiago de Compostela, prìomh-bhaile na Gàilise.[4] Tha 104,596 daoine a’ fuireach ann an Ourense,[5] an 3mh baile as motha ann an Galicia agus an 61 baile na Spàinne.[6] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Ourense a th’ann Ourense cuideachd.

Freumhan an ainm

deasaich

Tha e coltach gur ann à Auriense ann an Laideann a tha an t-ainm - a tha a' ciallachadh Baile an Òir. Tha eachdraidh nam mèinean òir faisg air a' bhaile a' gabhail ri sin. A dh'aindeoin sin, tha cuid ag ràdh gur ann à aquae urente (Gàidhlig: uisgeachan teth) no fiù' s Gearmailtis warmsee (Gàidhlig: loch blàth) a tha e.[7]

Eachdraidh

deasaich

Chuireadh ainm a’ bhaile air an roinn nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1833.[8] Thuit am baile dha na reubaltaich Faisisteach beagan an dèidh an ar-a-maich an aghaidh an Riaghaltais aig toiseach toisichidh Cogadh Sìobhalta na Spàinne ann an 1936.[9]

Bailtean Co-cheangailte

deasaich

Iomraidhean

deasaich

Ceanglaichean A-mach

deasaich